Leudachadh air cìsean parcaidh

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do phlana fom faodadh cìsean parcaidh a bhith air an sgaoileadh a-mach gu barrachd sgìrean.

Thuirt buidheann-riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd gur anns na sgìrean far an tèid a thogail a thèid suas ris an dàrna leth den airgead a thig bho na cìsean parcaidh a chosg.

Tha iad ag ràdh gur e dòigh a th' ann airgead a thogail airson càradh nan rathaidhean agus goireasan a leasachadh.

Tha dùil gum faodadh na planaichean seo còrr air £2.5m a thogail dhan Chomhairle ma thèid cìsean a chur an sàs aig barrachd na 200 làrach a bhuineas dhaibh.

Bidh e an urra ri comataidhean ionadail co-dhùnadh an tèid cìsean a chur an sàs, agus ma thèid, dè cho mòr 's a bhios iad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile