Bord
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aithisg a' togail cheistean mu riaghladh Bhòrd na Gàidhlig

24 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh mòr air ball de bhuidheann thar-phàrtaidh na Gàidhlig agus aithisg sgrùdaidh a' togail cheist mu dhòighean-obrach is stiùireadh a' phriomh bhuidheann Gàidhlig an Alba.

Bha Rhoda Ghrannd a' bruidhinn agus an aithisg ag innse gum feum cruth atharrachadh tighinn air Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt am buidheann Deloitte, a rinn na h-aithisg, gu bheil laigsean bunaiteach anns an dòigh sa bheil Bòrd na Gàidhlig air a riaghladh.

Dh'aidich Cathraiche Eadar-Amail a' Bhùird, Màiri NicAonghais, gu bheil trioblaidean aca ach gu bheil plàna gnìomh aca ann an oidhirp dèilgeadh riutha.