Seirbheisean bann-leathainn nas luaithe do sgìrean iomallach

Caball coimpiutair Image copyright Getty Images

Bidh seirbheisean bann-leathainn mòran nas luaithe aig na ceudan dhachannan agus ghnìomhachasan eile ann an sgìrean iomallach cheann a tuath na h-Alba.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur £3m a bharrachd mu choinneimh na h-obrach airson seirbheisean a leasachadh.

Tha iad ag ràdh gur e cho soirbheachail agus a tha am pròiseact aca gu ruige seo as coireach gun d' fhuair iad am maoineachadh a bharrachd.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faigh sgìrean a bha uair a' gearan nach fhaigheadh iad buannachd às an teicneòlas, cothrom air seirbheisean nas fheàrr.