Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha tosgairean an EU a' coinneachadh an-diugh a dheasbad dè cho fada a bharrachd 's a bu chòir a thabhann air Breatainn airson Brexit a chrìochnachadh. Aig a' cheart àm, tha am Prìomhaire ag iarraidh taghadh coitcheann a chumail. Thathas a' tuigsinn gur e leudachadh trì mìosan a b' fheàrr leis a' mhòr-chuid de dhùthchannan Eòrpach - le cothrom ann a thoirt gu crìch nas tràithe na sin ma chuireas Pàrlamaid Westminster aonta troimhe nas tràithe. Ach tha an Fhraing a' moladh leudachaidh nas giorra. Aig an ìre seo, fàgaidh Breatainn an t-Aonadh Eòrpach an ceann sia là.

Làraidh

Tha dùil gun tèid sgrùdadh bàis a dhèanamh an-diugh air cuid de na 39 duine a chaidh fhaighinn marbh ann an cùl làraidh ann an Essex. Thuirt na Poilis gun deach a' chiad 11 duine dhiubh a thoirt gu marbhlann ospadail ann an Chelmsford an-raoir. Tha dràibhear na làraidh, Mo Robinson, 25, à Eirinn a Tuath, fhathast an grèim aig na Poilis.

Bann Leathann

Bidh seirbheisean bann-leathainn mòran nas luaithe aig na ceudan dhachannan eile agus gnìomhachasan ann an sgìrean iomallach cheann a tuath na h-Alba agus £3m a bharrachd aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson na h-obrach. Tha iad ag ràdh gur e cho soirbheachail agus a tha am pròiseact gu ruige seo as coireach gun d' fhuair iad am maoineachadh a bharrachd.

Deoch-làidir

Tha buidheann mheidigeach ag iarradh air dotairean a bhith nas mothachail mun cheangal a tha eadar deoch-làidir agus aillse. Tha Buidheann-Ghnìomha Slàinte na h-Alba air Trioblaidean Dibhe ag ràdh gur e aillse a th' air còrr air a' chairteal chuid de dhaoine a tha a' bàsachadh air sgàth deoch-làidir. Dh'fhoillsich iad treòireachadh do dhotairean mu dheoch-làidir is aillse beòil is sgòrnain, ach tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil cunnart nas motha ann gun tig aillse broillich air boireannaich ma tha iad ag òl cus.

Foill Cìse

Tha rabhadh ga thoirt do dhaoine air a' Ghàidhealtachd agus eucoirich ri iomairt foill san sgìre a thaobh Cìs na Comhairle. Cuiridh iad fios air daoine air a' fòn, air post-dealain, agus le litir, ag innse gu breugach gu bheil iad air cus den chìs a phàigheadh, agus gu bheil airgead gus tighinn air ais thuca. Iarraidh an luchd-foill air daoine am fiosrachadh banca aca a thoirt seachad gus am faigh iad an cuid airgid air ais. Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine san sgìre a bhith faiceallach.