Bàideanach air soirbheachadh

Iomain

Bhuannaich Bàideanach an Lìog Nàiseanta ann an iomain nam ban le droinneadh a thoirt do na Sgitheanaich.

Bha an tiotal air a dhol gu geama sònraichte às dèidh dha na sgiobaidhean crìochnachadh co-ionnan aig mullach na lìge.

Bha làn-dùil ri geama faisg is glè bheag eadar na sgiobaidhean tron t-seusan.

Ach ann an Cill Targhlain, far an deach an geama air adhart air a' cheann thall, bha Bàideanach fada cus ro mhath.

Sònraichte

Chuir Kirsty Deans iad air thoiseach tràth, is chum i oirre mar sin.

Bha e 5-0 aig leathach-ùine is Deans le ceithir dhiubh.

Cha robh Bàideanach buileach cho trom air na Sgitheanaich san dàrna leth is an geama a' crìochnachadh 8-1.

Cha robh ceist mu shàr-chluicheadair an là is Kirsty Deans a' cur seachd de na tadhail i fhèin.

An tiotal le Bàideanach ma-thà, is dìoghaltas dhaibh cuideachd às dèidh dha na Sgitheanaich Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh nan aghaidh na bu thràithe air an t-seusan.

Duais

Ann an iomain nam fear, chaidh duais na lìge a thoirt do Cheann a' Ghiuthsaich Disathairne, ach cha do chomharraich iad sin mar bu mhiann leotha is iad a' call 1-0 ri Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.

Chan eil linn soirbheachail PJ Mhic an Tòisich mar mhanaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh a' crìochnachadh mar a bu mhiann leothasan nas motha.

Tha am Baile Ùr a-nise air ceithir geamaichean a chall ann an sreath bho thog iad Cupa na Camanachd, an turas seo 4-1 ri Camanachd an Òbain.

Bidh iad 'son cùisean a chur ceart sa gheama mu dheireadh den t-seusan an ath-mhìos nuair a thèid iad gu Taigh na Bruaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile