Sgeama preantasachd sna h-Eileanan Siar

Steòrnabhagh

Thèid iomairt a chur air bhonn Diluain airson barrachd dhreuchdan sgileil agus taigheadas saor a thabhann do dh'òigridh sna h-Eileanan Siar.

Seo a' chiad iomairt de a leithid an Alba, agus bidh e ag amas air cothroman trèanaidh mar phreantasan a thoirt do dhaoine òga, gus am bi cothrom aca fuireach sna h-eileanan.

Ged a tha sluagh na h-Alba san fharsainneachd a' fàs, tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil an àireamh dhaoine anns na h-eileanan agus àitichean dùthchail a' tuiteam.

Air sgàth seo, ràinig Comhairle nan Eilean Siar aonta le Leasachadh Sgilean na h-Alba gus barrachd chothroman obrach agus cuideachaidh a thabhann do dh'òigridh sna h-Eileanan.

Mar phàirt den iomairt seo, bu chòir gum bi cothrom ann do phreantasan taigheadas air prìs reusanta fhaighinn.

Cuideachd, thèid ionad-cuideachaidh fhosgladh ann an Steòrnabhagh gus fiosrachadh mu chosnaidhean agus chothroman treànaidh is seirbheisean didseatach a thabhann orrasan a tha a' fuireach anns na bailtean air an tuath.