Bus coimhearsnachd do Shlèite

Tarscabhaig Image copyright Andrew Hill/Geograph
Image caption Tha Urras Coimhearsnachd Shlèite, a tha air cùl na seirbheis, cuideachd ag ràdh gum bi am bus ann 'son tursan eile a thèid iarraidh a bharrachd air seirbheisean stèidhichte.

Tòisichidh seirbheis bus ùr ann an Slèite san Eilean Sgitheanach an t-seachdain seo.

'S i a' choimhearsnachd a tha a' ruith a' bhus a bhios dà là san t-seachain, le carbad a thug Comhairle na Gàidhealtachd dhaibh.

Dimàirt bidh am bus a' dol tro na bailtean is a' togail dhaoine 'son a dhol chun na bùtha ann an Armadal, agus Diciadain bidh seirbheis a' dol à Slèite dhan Chaol 's air ais.

Tha Urras Coimhearsnachd Shlèite, a tha air cùl seo, cuideachd ag ràdh gum bi am bus ann 'son tursan eile a thèid iarraidh.

Saor-thoileach

"Chan eil seirbheis idir aig na bailtean iomallach ann an Slèite an-dràsta, agus feumaidh iad a bhith an urra ri nàbannan, no 's mathaid a bhith a' cosg airgid mhòir air tacsaidh," thuirt Ruairidh Moireach bhon Urras.

"Agus tha sinn fada an comainn Comhairle na Gàidhealtachd airson an càr a tha seo a thoirt dhuinn agus an cothrom a bhith againn a-nise seirbheis a lìbhrigeadh dha na bailtean sin aig nach robh seirbheis gu ruige seo.

"'S ann bho Chomhairle na Gàidhealtachd a thàinig am bus, agus tha iadsan a' coimhead às a dhèidh, agus a' toirt seirbheis dha 's mar sin air adhart.

"'S tha e fosgailte a-nise do bhuidhnean anns a' choimhearsnachd an càr a tha seo a chleachdadh, agus cha chosg e dhaibh ach dìreach an connadh.

"'S e càr a th' ann, ach tha seachd suidheachain ann - rudeigin nas motha na càr, rud beag nas lugha na bus.

"Dimàirt bidh e a' dol timcheall nam bailtean, do dhuine sam bith a tha ag iarraidh a-null dhan bhùth, no gu ionad an dotair no mar sin, gun tog e iad agus gun cuir e dhachaigh air ais iad.

"Agus làithean eile bidh e a' dol cuairt a-null dhan Chaol 'son gum faigh daoine chun a' bhanca, agus chun a' Cho-op is rudan den t-seòrsa sin.

"Tha e cuideachd fosgailte do bhuidhnean eile, buidhnean a tha a' falbh le grunn dhaoine.

"Mar eisimpleir, chunnaic sin buidheann cloinne a' dol a dh'Inbhir Nis gu iomain an an sin, agus buidheann eile a' chaidh a Phort Rìgh airson coinneimh mu dheidhinn na h-àrainneachd.

"Mar sin dheth tha e fosgailte do bhuidhinn sam bith a tha feumach air còmhdhail agus nach eil e aca an-dràsta, feum a dhèanamh dheth seo, agus 's e daoine saor-thoileach a bhios a' falbh leis," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo