Companaidh leasachaidh haidro 'dèiligeadh' le draghan

  • Air fhoillseachadh
Duras agus Loch NisTùs an deilbh, JOHNS-ROSS-GEOGRAPH

Tha a' chompanaidh a tha a' cur phlanaichean air adhart 'son sgeama haidro air bruaichean Loch Nis air oidhirp a dhèanamh dèiligeadh le draghan mun bhuaidh a bheireadh e air an sgìre.

Tha an luchd-leasachaidh, ILI Group, airson sgeama pùmpaidh haidro, luach £650m a thogail faisg air Duras, gu deas air Inbhir Nis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air teagamhan a thogail mar-thà mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig a leithid air coltas na sgìre.

Tha a' chomhairle cuideachd air draghan a nochdadh mu dheidhinn trafaig co-cheangailte ri obair togail an sgeama.

Air sgàth meud a' phroiseict, bidh e an urra ri Ministirean Riaghaltas na h-Alba na planaichean a cheadachadh.

Bidh a' chompanaidh cuideachd a' cumail taisbeanaidh phoblaich ann an Talla Choimhearsnachd Dhurais air an 4 den t-Samhain.

Tuathanasan gaoithe

Bidh sgeamaichean pùmpaidh haidro a' cleachdadh dealain a chruthaicheas tuathanasan gaoithe aig àmannan nuair nach eil cus iarrtais ann air a shon.

Cleachdaidh iad an cumhachd sin gus uisge a phùmpadh air ais suas gu loch-tasgaidh.

Aon uair 's gu bheil feum aig barrachd dealain, leigidh an sgeama às an t-uisge sin gus ruith tro na pìoban agus dealan a dhèanamh.

Tha ILI Group a' moladh sgeama a phùmpadh uisge bho Loch Nis suas gu "lochan" ùr.

Tha iad ag ràdh gum biodh an lochan seo air a dhealbhadh ann an dòigh a fhreagradh air àrainneachd na sgìre.

Dh'fheumadh uamh 100m (328 troighean) fon talamh a chruthachadh agus pìob 2,650m (8,694 troighean) de dh'fhaid a stèidheachadh cuideachd airson an sgeama.