Buannachd as motha do thalamh bhochd

Croit Image copyright Gill Stott/Geograph

Leig Riaghltas na h-Alba fhaicinn gum bi a h-uile tuathanach 's croitear ann an Alba a' faighinn earrainn de £160m de thaic-airgid a chaidh chomharrachadh sa chiad àite do dh'àiteachas air an talamh as miosa.

'S iad croitearan agus tuathanaich air an talamh as bochda as motha a gheibh buannachd às an airgead.

Thèid a' chiad leth de mhaoineachadh Eòrpach - a bha còir taic a bharrachd a thoirt do luchd-àiteachais air talamh bochd an Alba, ach a chaidh a roinn eadar tuathanaich air feadh Bhreatainn - a sgaoileadh a dh'aithghearr.

Tha an dàrna leth fhathast ri thighinn.

Tha ministearan na h-Alba ag ràdh gur ann mar a bha còir a roinn sa chiad dol-a-mach a thathas a-niste ga sgaoileadh.

Lìonadh Beàrn

Ach tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba ag ràdh gur e cothrom caillte a th' anns a' phlana, nach eil ach a' lìonadh beàrn ann am maoineachadh Sgeama Taic nan Sgìrean Bochda, (LFASS).

Dh'aontaich an Seansalair san t-Sultain an t-airgead a thoirt seachad do dh'Alba, ach tha e an urra ri Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh mar a thèid a sgaoileadh.

Thèid barrachd airgid a thoirt don a h-uile tuathanach, a bharrachd air an taic-bhunaiteach aca, ach 's iad an fheadhainn leis a' chuid as motha de dh'fhearann bhochd as motha a gheibh de thaic.

"Tha mi den bheachd gur e seo an dòigh air an t-airgead a chur gu far a bheil feum air, 's gum faic a h-uile tuathanach is croitear a tha airidh air taic barrachd, no fada a bharrachd airgid sna cunntasan banca aca," thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.

"Rinn mi cnuasachadh mionaideach air a' chùis seo mus do cho-dhùin mi dè an dòigh a b' fheàrr, agus bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine airson an cuid taice agus mholaidhean a thaobh mar a b' fheàrr a ghabhadh an t-airgead seo a sgaoileadh thairis air na seachdainnean mu dheireadh.

Cothrom Caillte

Chan eil an NFU ag aontachadh ge-tà.

"Tha e cudromach a ràdh an toiseach gu bheil sinn gu mòr den bheachd gum bu chòir gum faigh tuathanaich is croitearan an taic seo air fad ann an aon bhliadhna, seach thairis air dhà," thuirt Ceann-Suidhe NFU na h-Alba, Anndra McCornick.

"A thuilleadh air sin, chan urrainn dhuinne aontachadh ri moladh Riaghaltas na h-Alba cuid den £160m a chleachdadh airson beàrn a chaidh a chruthachadh ann am maoineachadh sgeama LFASS ann an 2019 no 2020 a lìonadh.

"'S e cothrom caillte a th' ann a bhith a' toirt airgid bhon £160m airson beàrn LFASS a lìonadh, agus buile do thuathanaich is chroitearan na h-Alba a th' ann an cruaidh-chàs."

B' ann airson taic a bharrachd a thoirt do luchd-àiteachais ann an sgìrean far nach eil an talamh cho fàbharach - 's a tha a' faighinn fada nas lugha de thaic-subsadaidh Eòrpaich na sgìrean torrach - a bha an taic sa chiad do-a-mach.

Chaidh £190m a chomharrachadh airson na Rìoghachd Aonaichte ri linn ìrean ìosal de mhaoineachadh ann an Alba, ach cha deach ach £30m dheth sin a chosg an Alba.

Thug ceannardan àiteachais agus luchd-poileataigs bliadhnaichean a' feuchainn ri toirt air Riaghaltas Bhreatainn tuigsinn gun tàinig call air Alba ri linn seo.