Iomairt an aghaidh àite-bìdhe ùir chonnspaidich

Taigh-Òsta MhicDhòmhnaill, an Aghaidh Mhòr Image copyright Phil Champion/Geograph

Tha luchd-iomairt LGBT air Ghàidhealtachd a' cur an aghaidh a' chiad àite-bìdh an Alba le companaidh chonnspaidich Aimeireaganaich a th' air fosgladh san Aghaidh Mhòir.

Tha càineadh ga dhèanamh air an fheadhainn leis a bheil Chick-Fil-A an dèidh dhaibh airgead mòr a thoirt do bhuidhnean a tha a' cur an aghaidh chàirdeasan aon-ghnè.

Tha iad a-niste air àite fhosgladh an cois Ionad Thaigh-Òsta MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir.

Dh'innis ionad mòr bhuithdean ann an Reading am Berkshire don chompanaidh nach fhaod iad an t-aonad aca ann a chumail an dèidh a' chaid sia mìosan den chùmhnant aca, agus iomairt air a bhith ann nan aghaidh.

"'S e ceum air ais a th' ann," thuirt Sand Owsnett, bho Fhòram LGBT na Gàidhealtachd.

"Tha fear de na tachartasan pròis as motha an Alba dìreach air a bhith againn am-bliadhna, leis na mìltean dhaoine a' gabhail pàirt ann airson taic a nochdadh don choimhearsnachd LGBT.

Roghainn

"Tha sin a' gabhail a-steach taic a nochdadh do cho-ionnanachd, 's ar còraichean agus daoine a bhith a' gabhail rinn mar phàirt den choimhearsnachd.

"Mar sin dheth, leithid seo de thaigh-bìdhe a bhith a' fosgladh faisg air Inbhir Nis, 's e ceum air ais a th' ann.

"Ach 's ann mu dheidhinn roghainn a tha seo cuideachd.

"Faodaidh daoine roghnachadh a dhol dhan àite-bìdhe seo, no roghnachadh gun a dhol ann.

"'S e a' phrìomh phuing dhuinne, a bhith a' tuigsinn càite a bheil prothaidean an àite-bhìdhe a' dol."

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air na milleanan mòra a thoirt do bhuidhnean foghlaim agus òigridh sna Stàitean Aonaichte, agus nach robh e fìor gun do rinn iad sin le amas poileataigeach.

Thuirt neach-labhairt airson MacDonald's Resort anns an Aghaidh Mhòr gu bheil Chick-Fil-A na ghnìomhachas a tha soirbheachail agus gur e rud math a tha sin airson na h-eaconomaidh ionadail.

Thuirt iad gu bheil iad a' toirt urraim don a h-uile duine ge b' i dè an gnè neo gnèitheachd neo an creideamh a tha aca.