Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh

Thàinig beachd à Sràid Dhowning gum biodh an Riaghaltas deònach gabhail ri taghadh choitcheann air an 11mh den Dùbhlachd, là nas tràithe nan 12mh a b' fheàrr leotha. Nì Boris Johnson oidhirp eile an-diugh air taghadh fhaighinn le bile nach leigeadh a leas ach aon bhòt a bharrachd. Dh'fhailich sin air an-dè le Achd nan Taghaidhean Stèidhichte leis nach do chuir trì chairteil de na Buill-Phàrlamaid an taic ris. Tha aithrisean ann gu bheil na Làbaraich, na Lib-Demaich agus an SNP nas coltaiche gabhail ris an turas seo.

Tùr Ghrenfell

Thuirt an aithisg mu theine tùr Grenfell gun robh laigsean mòra anns an dòigh san do làimhsich Seirbheis Smàlaidh Lunnainn a' chùis. Tha an aithisg ag ràdh gum biodh nas lugha bàs air a bhith ann mura b' e gun deach iarraidh anns a' chiad àite air luchd-còmhnaidh fuireach far an robh iad. Fhuair an rannsachadh laigse cuideachd ann an trèanadh an feadhainn a bha a' freagairt nam fònaichean aig na seirbheisean-èiginn. Tha feadhainn ag ràdh ge-tà, gum bu chòir dhan aithisg a bhith air barrachd aire a thoirt do mhearachdan ann an dealbhachadh agus cruth an togalaich.

Taic-àiteachais

Leig Riaghaltas na h-Alba fhaicinn gur iad tuathanaich air talamh àrd agus croitearan a gheibh buannachd às a' chiad earrann de £160m den taic-airgid ris an canar "convergence funding". Bidh £80m anns a' chiad earrann dheth seo. 'S e airgead Eòrpach a th' ann a fhuair an Rìogachd Aonaichte eadar 2011 agus 2014 ri linn cho beag taice is a bha àiteachas ann an Alba a' faighinn an coimeas ri dùthchannan Eòrpach eile. Ach an àite an t-airgead a thoirt dìreach a dh'Alba bha Riaghaltas Lunnainn ga roinn air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Rinn Aonadh nan Tuathanach agus luchd-poileataigs Albannach iomairt mhòr agus dh'aontaich an Seansalair air a' mhìos a chaidh gum faigheadh Alba a h-earrann fhèin dheth.

Trèanaichean

Tha màill mhòr air seirbheisean rèile gu tuath à Dùn Èideann agus Glaschu. Tha an treàna-oidhche eadar Lunnainn agus Obar Dheathain fhathast briste air an loidhne, eadar Obar Bhrothaig agus Mhontròis.

FISH

Tha a' bhuidheann-iomairt FISH (Families into Sport for Health), air an do dh'fhailich e Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid ag iarraidh a-niste an t-airgead a thog iad gu ruige sin a thoirt air ais dhan fheadhainn a thug dhaibh e anns a' chiad àite. Chaidh còrr is £11,000 a thogail airson sgeama pìleat sia mìosan far am biodh an t-ionad spòrs fosgailte air an Sàbaid ach dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar sin.