Bheir buidheann-iomairt air ais airgead a thog iad

Ionad Spòrs Leòdhais

An dèidh fad bhliadhnaichean a' strì agus e a' faileachadh orra Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid, tha a' bhuidheann-iomairt FiSH, (Families into Sport for Health) ag iarraidh an t-airgead a thog iad gu ruige sin a thoirt air ais dhan fheadhainn a thug dhaibh e sa chiad àite.

Chaidh còrr 's £11,000 a thogail 'son sgeama pìleat sia miosan far am biodh an t-ionad spòrs fosgailte air an t-Sàbaid ach dhiult Comhairle nan Eilean Siar sin.

"Bha e duilich a' gabhail a' cho-dhùnaidh seo às dèidh an t-airgead a thogail," thuirt Ùisdean MacLeòid bhon bhuidhinn.

"Ach cha robh diofair ann dè chanadh sinn, no dè bha sinn a' faighneachd air a shon, cha robh iad a' dol a ghabhail an airgid."

Briseadh dùil

Thuirt e gun robh a' Chomhairle daingeann nam beachd an t-ionad spòrs a chumail dùinte Là na Sàbaid.

"Chan eil diofair dè tha daoine a' faighneachd, tha iad a' faighinn an aon fhreagairt bhon Chomhairle.

"Tha sinn air a h-uile càil fheuchainn."

Thuirt e gun leanadh a' bhuidheann orra a' strì agus nam biodh airgead air fhàgail aca bhon chnap seo gum beachdaicheadh iad air dè a bu chòir dhaibh a dhèanamh leis an uair sin.