Bliadhna bhogaidh sa Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh Ghlaschu Image copyright Alan Murray-Rust/Geograph

Dh'fhoillsich Oilthigh Ghlaschu gun tèid cùrsa ùr a stèidheachadh fo am faigh oileanaich cothrom a bhith air am bogadh anns a' Ghàidhlig fad bliadhna.

Tha a' bhliadhna bhogaidh a' faighinn maoineachaidh £455,000 bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC), 's thèid a chur air adhart mar phìleat thairis air trì bliadhna bhon t-Sultain 2020.

Bidh an cùrsa stèidhichte air prìomh làrach Oilthigh Ghlaschu, le ochd mìosan de dh'oideachadh dian cànain, le trì seachdainean a' còmhnaidh ann an Uibhist a Deas a' leantainn air sin.

Tha an t-earran sin den chùrsa air a chur air dòigh le Ceòlas Uibhist.

"Tha leasachadh na bliadhna bogaidh seo mar fhreagairt dhìreach air mar a tha coimhearsnachd nan oileanach air atharrachadh thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, le barrachd luchd-ionnsachaidh a' dèanamh phrògraman Gàidhlig," thuirt Fiona Dunn, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig an Oilthighe agus am Prìomh Sgrùdaire don phròiseact.

Comasan

"Tha sinn air leth toilichte am maoineachadh seo fhaighinn bhon SFC oir bheir e taic do bharrachd oileanach faighinn gu fileantas sa chànan, agus cuidichidh e gus aon de na prìomh dhealasan sa Phlana Ghàidhlig againn a thoirt gu buil."

Bidh a' bhliadhna bhogaidh ri fhaighinn do dh'oileanaich fo-cheum a tha air prògraman Gàidhlig san Oilthigh mus tòisich iad air ionnsachadh aig ìre urraim.

Faodar ceum ceithir bliadhna no còig bliadhna a roghnachadh, a rèir chomasan cànain nan oileanach fa leth.

Bidh a' Bhliadhna Bhogaidh cuideachd ri fhaotainn mar Theisteanas Foghlaim Àrd-Ìre (CertHE) air leth, air bhunait làn-ùine no pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna.

"Mar a bhios foghlam tron Ghàidhlig a' leantainn air an leudachadh tarsainn meadhan na h-Alba, tha an comas air a' bhliadhna seo a thairgsinn mar CertHE gu h-àraid cudromach, le barrachd phàrantan agus luchd-ionnsachaidh inbheach agus feum aca air cothroman ionnsachaidh dian", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile