Obair air alt-aiseig Cholla

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Leasachadh air cidhe Cholla.

Thòisich obair gus alt-aiseig Eilein Cholla ùrachadh.

Fàgaidh seo nach fhaigh carbad air tighinn no falbh às an eilean fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Thathas an dòchas gun toir an obair mìos.

Chaidh an t-alt-aiseig a th' ann a thogail ann an 1993 is feum a-nise air obair-leasachaidh a dhèanamh air.

Rinn CMAL co-chomhairle mun ghnothach is planaichean air an cur air dòigh airson na h-eileanaich a chuideachadh fhad 's a tha an cidhe dùinte.

Thèid bàirdse a chleachdadh gus biadh is eile fhaighinn a Cholla anns na seachdainean ri tighinn.

Tha seirbheis tacsaidh ann cuideachd airson daoine a ghluasad timcheall an eilein ma tha feum aca air.

Riaraichte

Tha e coltach gu bheil muinntir an àite riaraiche gu leòr leis an t-suidheachadh.

"Feumaidh sinn CalMac a mholadh airson mar a thàinig iad an seo is mar a bhruidhinn iad rinn," thuirt Iain Friseal bho Chomhairle Choimhearsnachd Cholla.

"Thug iad sùil air dè bhiodh a dhìth is dè na diofar fheumalachdan a th' ann," thuirt e.

Dh'innis fear eile de mhuinntir an eilein, Iain Aonghas Moireasdan, gu bheil cothrom air a bhith aig daoine planaichean a dhèanamh mu choinneimh na h-obrach.

"Tha bliadhna air a bhith againn a-nise is fios air a bhith againn gun robh seo a' dol a thachairt.

"Feadhainn a tha a' falbh gu math tric, bha teansa aca na càraichean aca a thoirt air falbh gu Tìr-Mòr, am fàgail an sin, agus 's urrainn dhaibh coiseachd air an aiseag," thuirt e.

Dh'innis Mgr Moireasdan gu bheil e fhèin dìreach air tilleadh à Tir-Mòr is e air biadh is eile a cheannach airson nan seachdainean ri tighinn.

Thathas an dòchas a-nise gum bi an aimsir fàbharach is gun tèid an obair a dhèanamh taobh a-staigh mìos.