Ceum air adhart an Dùn Èideann

Sgoil Darroch Image copyright Kim Traynor / Geograph

Tha luchd-iomairt ann an Dùn Èideann a' cur fàilte air adhartas le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.

Dh'aontaich Comhairle Dhùn Èideann roimhe an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig agus àrd-sgoil stèidheachadh sa phrìomh bhaile.

Tha cead-dealbhachaidh a-nise ga shireadh airson togalach ann an sgìre Tollcross a sgeadachadh is a leasachadh is a chur gu feum 'son foghlam sa Ghàidhlig.

Dhùin Sgoil Darroch, far an robh fear Sean Connery uair na sgoilear, anns na 1970an.

Bhon uairsin, tha Comhairle Dhùn Èideann air an togalach a chur gu feum corra uair nuair a bha obair-leasachaidh is eile a' dol ann an sgoiltean eile sa bhaile.

'S e am plana aca a-nise gum bi bun-sgoil Ghàidhlig stèidhichte san togalach air a' cheann thall, is gun tèid a chleachdadh a' chiad greis airson foghlaim Ghàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile gus an tèid àrd-sgoil a stèidheachadh.

Aig an ìre seo tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann ann am Bun-Sgoil Taobh na Pàirce is ann an Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

Fàs

Tha duilgheadasan air a bhith le na tha de chloinn a tha ann am foghlam Gàidhlig aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig ge-tà, is tha àireamhan air a bhith a' sìor fhàs ann am Bun-Sgoil Taobh na Pàirce cuideachd.

Tha pàrantan ag ràdh gur e ceum air adhart a th' anns an iarrtas-dealbhachaidh.

"Tha sinn a' cur fàilte air seo," thuirt Brian Mac an Tàirneanaich bho Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann.

"Tha àite ann an Darroch airson 400 no 500 clann. 'S e àireamh mhath a tha sin airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

"Sa chiad àite tha iad a' dol a chleachdadh Darroch mar annex airson Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig oir tha na h-àireamhan a' dol suas is tha feum gum bi àite nas motha aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

"Nuair a dh'fhosglas a' Chomhairle àrd-sgoil Ghàidhlig shònraichte, faodar Darroch an uairsin a chleachdadh mar bhun-sgoil Ghàidhlig," thuirt e.

Chan eil fhios le cinnt fhathast càite am bi àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann stèidhichte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile