Flòraidh a' dol dhan Tobar

Flòraidh Forrest Image copyright Tobar an Dualchais

'S e am bàrd iomraiteach Ruaraidh MacThòmais nach maireann a sgrìobh mu thobar bheag ann am meadhan bhaile, tobar anns an robh uisge brèagha, glan, ach tobar air nach robh daoine a' tadhal mar a bha.

Tha e doirbh gun smaoineachadh air an tobar sin is ceistean is deasbad air nochdadh às ùr anns na seachdainean mu dheireadh mu àite na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan far an robh i uair glè làidir.

'S e deasbad a tha sin a leanas.

Gu fortanach, tha tobar de sheòrsa air choireigin eile againn san là a th' ann is dòigh gu math furasta air tarraing air na h-ulaidhean a th' air an tasgadh ann.

'S e barrachd dhaoine a thàladh gu stòras iongantach Thobar an Dualchais a tha air cùl sreath ùir air BBC Radio nan Gàidheal.

Thòisich Flòraidh Forrest mar stiùriche ùr air Tobar an Dualchais bho chionn beagan sheachdainean.

Tha Flòraidh a-nise os cionn trì phrògraman le a taghadh fhèin de chuid de na rudan a th' air an cumail ann.

Cothrom

Thuirt i gur e cothrom a bha seo dhi an tuilleadh ionnsachadh mu na clàraidhean, agus an Tobar a thaisbeanadh gu daoine eile às ùr.

"Cha robh mi uabhasach eòlach air na clàran mus do thòisich mi, is mar sin bha e a' toirt dhomh cothrom barrachd ionnsachadh mu dheidhinn nan diofar chlàran agus nan diofar dhaoine cudromach a tha a' nochdadh san tasglann," thuirt Flòraidh.

"Ged is e goireas fìor fìor mhath a th' ann an Tobar an Dualchais, tha e doirbh do dhaoine fios a bhith aca càite an tòisich iad.

"Tha seo a' toirt dhaibh dìreach beagan fiosrachaidh mu dheidhinn diofar dhaoine, agus ga dhèanamh nas fhasa dhaibh a dhol chun na làraich is èisteachd ri diofar chlàran," thuirt i.

Tha fios nach e taghadh furasta a bh' ann do Fhlòraidh fhèin is gun aice ach trì prògraman.

Mar a tha iomchaidh, 's e roghainn rudeigin pearsanta a rinn i, is clàr de a seanmhair, Flòraidh NicAonghais, Flòraidh Raghnaill às na Hann ann an Èirisgeigh, a' gabhail 'Òran Èirisgeigh', a' nochdadh sa chiad phrògram.

Gheibhear sin, is gu leòr eile, anns na seachdainean ri tighinn.

Bidh Flòraidh a' dol dhan Tobar air BBC Radio nan Gàidheal gach Dimairt eadar seo is an 12mh den t-Samhain, aig meadhan-là is 10:00f.

Bidh na prògramanan cuideachd rim faighinn air BBC Sounds.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile