Taic-airgid do ghoireasan turasachd Ghiogha

Giogha Image copyright MJRICHARDSON/GEOGRAPH

Tha planaichean airson goireasan turasachd a leasachadh ann an Giogha air maoineachadh £135,000 fhaighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha Gigha Trading Earranta (GTL), buidheann ghnìomhachais a tha fo shealbh Urras Dualchais Eilein Ghiogha, an dùil làrach-campachaidh a chruthachadh an ath-bhliadhna.

Thèid goireasan leithid taigh-bhig, cidsin, fras agus taigh-nigheadaireachd a thogail air an làraich faisg air cidhe Ghiogha.

Cuideachd, bidh 15 àitichean-campachaidh ùra agus 10 làraichean do bhanaichean-campachaidh ann.

Thathas a' tomhas gun cosg am pròiseact air fad £336,000 agus gum fosgail iad as t-Foghair 2020.

Brosnachadh

Thathas an dòchas gun toir na goireasan ùra seo brosnachadh a bharrachd dha na h-àireamhan de luchd-turais a bhios a' tadhal air an eilean.

A bharrachd air a' mhaoineachadh ùr seo, tha iad cuideachd air £171,000 a chosnadh bho Mhaoin Bun-Structair na Turasachd Dùthchail aig VisitScotland agus pàighidh Urras Dualchais Eilein Ghiogha an còrr.

"Tha sinn air ar dòigh maoineachadh fhaighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson a' phròiseict againn," thuirt Jane Millar, manaidsear leasachaidh aig GTL.

"Tha gainnead de dh'àitichean-fuirich ann an Giogha an-dràsta agus tha buaidh mhòr aig sin air turasachd an eilein.

"Tha na h-àireamhan de luchd-turais air fàs gu cunbhalach bho 2015, ach aig na h-amannan as trainge chan eil àite gu leòr againn air an son idir."