Oidhche mhòr 'son ICT

Jordan White Image copyright SNS
Image caption Fhuair Jordan White tadhal anmoch an aghaidh Alloa an t-seachdain seo chaidh, ach cha robh sin gu leòr 'son na trì puingean a bhuannachadh 'son ICT.

Bidh Caley Thistle Inbhir Nis ann an Dùn Phris an aghaidh Queen of the South oidhche Mhàirt is iad a' feuchainn ris an t-seusan aca a chur gu dol.

Às dèidh dha na h-uimhir de dh'obair-lannsa a dhèanamh air a' bhuidhinn aige as t-Samhradh, chanadh cuid gum bu chòir do mhanaidsear ICT, Iain Robasdan, a bhith an ìre mhath toilichte le mar a tha cùisean a' dol.

Tha Inbhir Nis sa 3mh àite san Championship, gun ach ceithir puingean air cùl Dundee United aig a' mhullach, is iad cuideachd troimhe dhan chairteal-chuairt dheireannaich de Chupa Tunnock.

Ach math ged a tha sin aig an ìre thràth seo den t-seusan, tha faireachdainn ann gum faodadh ICT a bhith a' dèanamh na b' fheàrr.

Ged a thòisich iad an Dàmhair ann an sunnd le trì puingean fìor mhath ann an Inbhir Àir, tha cùisean air a dhol bhuaithe gu ìre bhon uairsin.

Mearachdan

Leig iad às dà phuing aig an taigh le a bhith a' call tadhal anmoch an aghaidh Alloa.

Ged nach canadh mòran a bh' aig a' gheama sin nach robh Alloa airidh air puing, bha còir aig ICT a bhith air buannachadh às dèidh dhaibh a dhol air thoiseach is gun ach beagan mhionaidean air fhàgail.

'S beag an t-ionganadh gun robh an Robasdanach feargach cuideachd leis an tadhal a ghlèidh puing dha na Speachan is na cluicheadairean aige a rèir choltais nan leth-chadal.

Cha robh e dad na bu thoilichte ann an Grianaig Disathairne is e ag ràdh gur e mearachdan a bu choireach a-rithist gun do chaill ICT 2-1 ri Morton, is tadhal anmoch eile a' dèanamh cron.

Tha cluicheadairean dìon math aig Inbhir Nis ach tha e coltach gu bheil rudeigin aig a' chùl an-dràsta nach eil buileach ag obair.

Image copyright SNS
Image caption Rinn tadhal anmoch eile cron air ICT Disathairne is an tadhal seo bho Bob McHugh a' buannachadh a' gheama 2-1 'son Morton.

Tha feadhainn cruthachail nas fhaide suas a' phàirc cuideachd, ach ged a bha ICT am measg nan sgiobaidhean ball-coise a b' fheàrr san lìog air an t-seusan seo chaidh, chan eil coltas gu bheil iad uile gu lèir a' sruthadh mar bu chòir thuige seo.

"Tha sinn air a ràdh ris na cluicheadairean gu feum iad creidsinn annta fhèin," thuirt Robasdan.

"'S e deagh sgioba a th' annta, tha iad comasach, ach feumaidh iad a bhith a' dìon nas fheàrr is feumaidh iad tadhail a chur nuair a tha làmh an uachdair aca," thuirt e.

Tha buidheann an ìre mhath làidir aig Inbhir Nis 'son an turas a Dhùn Phris.

"Chan eil dad air atharrachadh is 's e dìreach Sean Welsh a tha a dhìth oirrn," thuirt leas-mhanaidsear ICT, Scott Kellacher.

Pronnadh

"Chan eil a dhìth ach an sgioba cheart a thaghadh 'son an geama a bhuannachadh," thuirt e.

Tha QoS fhèin san t-6mh àite san lìog.

Sa gheama mu dheireadh aca aig an taigh, bha là air leth aca is iad a' toirt pronnadh 4-0 air Dundee United.

Cha deach cho math leotha Disathairne, is iad a' tilleadh bho Alloa le dìreach puing ged a bha iad air a bhith 2-0 air thoiseach.

Mar as àbhaist ann an Dùn Phris, bidh e buileach cudromach do dh'ICT Steafan Dobbie a chumail sàmhach ma tha iad a' dol a shoirbheachadh.