"Urram mòr" 'son sgiobair na h-Alba

Mìchael Caimbeul is Stiùbhart Dòmhnallach. Image copyright Neil G Patterson
Image caption Prìne-Fèilidh Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Chaimbeul - 'son sgiobair na h-Alba - ga thoirt seachad le mac Dhòmhnaill, Mìchael.

Thuirt Stiùbhart Dòmhnallach gur e urram mòr a th' ann dha a bhith na chaiptein air sgioba iomain na h-Alba am-bliadhna.

Chaidh fear-glèidhidh Lòbhait ainmeachadh mar sgiobair 'son a' chiad turas is Alba gus a dhol an aghaidh na h-Èireann ann am Baile Átha Cliath Disathairne.

Tha an Dòmhnallach air cliù a chosnadh dha fhèin mar an fhear-ghlèidhidh as fheàrr san spòrs anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Cha tèid mar a chluich e sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2015 gu sònraichte air dìochuimhne aig duine sam bith a chunnaic e.

Bidh e ag amas a-nise air soirbheachas na h-Alba anns na geamaichean eadar-nàiseanta a chumail a' dol.

B' e 2014 an turas mu dheireadh a chaill iad.

Duilich

"'S e urram mòr a th' ann a bhith san sgioba fhèin, is buileach sònraichte a bhith nam sgiobair," thuirt an Dòmhnallach.

"Tha dùil againn ri geama duilich. Tha e an-còmhnaidh nas duilghe ann an Èirinn, ach tha sinn air sgioba làidir a thaghadh is tha sinn misneachail," thuirt e.

Chaidh Calum Grannd ainmeachadh mar chaiptean air sgioba na h-Alba Fo Aois 21.

Bheir seo gu ceann seusan air leth dha Grannd is e air a' Phrìomh Lìog agus Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh le Ceann a' Ghiuthsaich.

Bidh an dà gheama Disathairne ann an Abbotstown, an geama Fo Aois 21 aig 12f is am prìomh gheama aig 2f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile