Puingean luachmhor 'son ICT
- Air fhoillseachadh

Bha oidhche air leth aig Caley Thistle ann an Dùn Phris is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh Queen of the South.
Bha manaidsear ICT, Iain Robasdan, air iarraidh air na cluicheadairean creidsinn annta fhèin às dèidh dhaibh grunn phuingean a leigeil às anns na seachdainean mu dheireadh.
Fhuair e an fhreagairt a bha e ag iarraidh oidhche Mhàirt.
Chuir Aaron Doran iad air thoiseach às dèidh leth uair de thìde.
Làidir
Ged a bha cothroman aig QoS às dèidh sin, chum Inbhir Nis a-mach iad, is rinn iad cinnteach gum faigheadh iad na puingean is Nikolay Todorov leis an dàrna tadhal anns na diogan mu dheireadh.
"Bha againn ri bhith làidir an seo oir bha QoS air bhioran às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Dundee United," thuirt Iain Robasdan.
"Bha sinn fo chuideam san dàrna leth, ach bha sinn fìor mhath aig a' chùl is bha sinn cunnartach nuair a fhuair sinn suas a' phàirc.
"Ghabh sinn ar cothroman is cha do rinn sinn mearachdan aig ceann eile na pàirce," thuirt e.
Is 's e sin an dearbh rud a bha an Robasdanach air iarraidh ron gheama.
Tha seo a' cumail ICT san treas àite san lìog.