"Leasanan ri ionnsachadh" do ChalMac

MV Loch Seaforth

Bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn ionnsachadh bho na trioblaidean a tha a' dol air adhart nuair a tha bàtaichean-aiseig a' dol gu doca tioram, a rèir Comhairle nan Eilean Siar.

Tha draghan ann nuair a tha bàtaichean a' falbh dhan doca tioram airson grunn sheachdainean nach eil na bàtaichean a thig nan àite freagarrach, gu h-àraid airson bathair.

Thuirt Cathraithe na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisean Robasdan, gu bheilear ag iarraidh gun tèid barrachd feairt a ghabhail do bheachdan mhuinntir nan Eilean.

"Tha prògram bliadhnail an doca thioraim do bhàtaichean mòra ChalMac a' toirt droch bhuaidh a-rithist air coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar," thuirt e.

Bathar

"Nam biodh barrachd ghnothaich aig na h-eileanaich fhèin ri co-dhùnaidhean a dhèanamh, 's dòcha gum biodh tuigse na b' fheàrr ann air mar a tha dìth dhealbhachaidh cheart a' toirt droch bhuaidh air beatha sna h-eileanan a tha seo.

"Chuir CalMac an MV Isle of Lewis agus an MV Hebridean Isles air slighe Steòrnabhaigh, leis an dàrna bàta an urra ri seirbheisean bathair.

"A dh'aindeoin 's gur e seo an t-slighe bathair as motha san lìonra, tha na ghabhas a ghiùlain leis an MV Hebridean Isles air a chuingealachadh gu mòr a thaobh cuideim, a' fàgail nach fhaod i deic nan carbadan a lìonadh gu tur.

"A thuilleadh air sin, chan eil an MV Isle of Arran air freagairt gu math air droch aimsir air slighe Bharraigh - an t-slighe as fhaide agus as fhosgailte san lìonra - anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh nuair a chaidh a cur air an t-slighe mar fhaochadh gheamhraidh.

"Tha sinn a' tuigsinn nach gabh an MV Isle of Arran, no an MV Hebridean Isles cleachdadh air slighe Cholla agus Thiriodh, a tha nas sàbhaiche, ri linn duilgheadasan a bh' ann roimhe leis an MV Hebridean Isles fhaighinn chun a' chidhe.

"An àite a bhith a' cur an t-suidheachaidh seo ceart, tha cabhlach a tha mar-thà air a sgaoileadh ro thana, 's nach fhaca ach dà bhàt'-aiseig mòr ùr bho 2001, a' call barrachd sùbailteachd le bhith a' toirt bhàtaichean freagarrach air falbh bho shlighean a bu chòir dhaibh a bhith a' frithealadh.

"Chan eil seo ach a' gluasad trioblaidean gu slighean eile a tha feumach air bàtaichean nas motha, goireasan nas fheàrr, agus comasan seòlaidh nas fheàrr.

"A dh'aindeoin na droch shìde a bh' ann an t-seachdain seo chaidh, 's e fìrinn na cùise nach eil na h-aiseagan bathair freagarrach.

"Tha seo a' toirt droch bhuaidh air gnothachasan, bùithtean, tuathanasan-èisg, luchd-togail is eile, agus am poball.

"Tha buaidh dha-rìribh aig gainnead stuthan agus maill air an eaconomaidh ionadail againn.

"Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus CalMac a dhèanamh cinnteach gum bi dealbhachadh nas soirbheachaile ann a thaobh sheirbheisean aiseig san àm ri teachd," thuirt e.

Barrachd Airgid

Thuirt CalMac gu bheil iad air barrachd airgid na riamh roimhe a chur ri obair-càraidh do na soithichean aca air a' Gheamhradh a th' air thoiseach, 's iad air còrr air £9m a chur mu choinneimh na h-obrach - còrr air a dhà uimhir na chosg iad air an leithid an-uiridh.

"Bidh sinn a' feuchainn, far an urrainn dhuinn, leis na goireasan a th' againn, ri seirbheis cho coileanta 's a ghabhas a thoirt seachad tron ùine seo, a' cur shoithichean freagarrach air slighean," thuirt Stiùiriche nan Goireasan aig CalMac, Julie Philpott.

"Ach tha na h-uimhir de dh'atharrachaidhean a dhìth airson an obair-càraidh a dhèanamh.

"Bidh sinn a' feuchainn ri gnothaichean a chumail cho rèidh 's is urrainn, agus sinn an dòchas gun tuig luchd-siubhail carson a dh'fheumas sinn soithichean atharrachadh aig an àm seo den bhliadhna," thuirt i.

Thug iad rabhadh gur dòcha gun caill cuid de choimhearsnachdan an t-seirbheis chunbhalach aca air a' Gheamhradh seo, 's iad gu bhith ri còrr air 90 obair mhòr air a' chabhlach.

Thuirt iad ge-tà, gun cuidich an ùine a chuireas na soithichean seachad a-mach às a' chlàr-ama, le bhith a' togail seirbheis nas seasmhaiche san ùine fhada, 's gum faic luchd-siubhail piseach susbainteach anns an t-seirbheis.