Binn prìosain do dhràibhear air Ghàidhealtachd

Màrtainn Camshron Image copyright Spindrift

Chaidh binn cha mhòr còig bliadhna prìosain air fireannach a mharbh caraid dha le bhith a' dràibheadh aig astar faisg air Inbhir Nis.

Bha Màrtainn Camshron, à Cill Targhlain, a' dràibheadh aig 125m.s.u. faisg air Fàrr nuair a dh'fhàg an càr aige an rathad, a' marbhadh Shaun Allan, 26, à Inbhir Nis.

Bha e air aideachadh roimhe gun robh e ciontach de bhàs adhbharachadh le dràibheadh cunnartach.

Image copyright Teaghlach Shaun Allan
Image caption Bhàsaich Shaun Allan goirid an dèidh na tubaiste, a thachair ann am Fàrr, deas air Inbhir Nis.

Cuiridh e ceithir bliadhna agus ochd mìosan seachad sa phrìosan, 's chaidh a chasg bho bhith a' dràibheadh fad sia bliadhna agus ochd mìosan.

Tha eachdraidh aig Camshron, a tha 25, de bhith a' dràibheadh gu cunnartach, 's cha robh e ach air a chead-dràibhidh fhaighinn air ais dà mhìos mus do thachair an tubaist.

Thog e a charaid airson a thoirt a dh'obair, an dèidh dha faileachadh air co-obraiche a thogail.

Dhràibh e aig 125m.s.u. mus do chaill e smachd air a' chàr, a chaidh an uair sin tro fheansa gàrraidh, 's a bhuail ann an craobhan.

Bhàsaich Shaun Allan goirid an dèidh na tubaiste, a' fàgail a leannain agus an nighean.