Co-labhairt mu thurasachd air Ghàidhealtachd

NC500
Image caption Am-measg nan cuspairean air am bi a' cho-labhairt a' beachdachadh bidh aithisg air Slighe Chosta a Tuath 500.

Coinnichidh ceannardan gnìomhachais air Ghàidhealtachd ann an Cnoc Mhoire Diciadain a bhruidhinn air mar as urrainnear turasachd a tha seasmhach a bhrosnachadh air feadh na sgìre.

Am-measg nan cuspairean air am bi iad a-mach bidh aithisg air Slighe Chosta a Tuath 500 (NC500) - turas 516 mìle de dh'fhaid mun cuairt cuid de rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha Ro-innleachd Ceann a Tuath na Gàidhealtachd agus Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga air a' cho-labhairt a chur air dòigh agus dùil ri 160 daoine.

Tha dòchas ann gum faigh feadhainn aig a bheil gnìomhachasan no ceangailchean eile ri turasachd cothrom na beachdan aca air a' chuspair a dheasbad.

Seasmhach

Cluinnear barrachd air co-dhùnaidhean bhon aithisg a chaidh fhoillseachadh na bu thraithe air a' mhìos, a thuirt gu bheil an NC500 air corr air £22m a thoirt dhan sgìre.

Tha iad mothachail gu bheil cuid air dragh a nochdadh mu cus turasachd, co-cheangailte ris an NC500 agus san sgìre san fharsaingeachd.

Tha iad cuideachd airson sùil a thoirt air mar as urrainnear brath a ghabhail air àireamhan nas àirde de luchd-turais.

Ach bithear a' coimhead cuideachd air turasachad a tha seasmhach agus a bhith a' feuchainn ri sin a chumail le fàs sam bith a thig san roinn.