Sàbhalaidhean chosgaisean-siubhail Comhairle na Gàidhealtachd

Prìomh Oifis Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Thuirt a' chomhairle gun robh iad air airgead a shàbhaladh agus a' bhuaidh aca air an àrainneachd a lùghdachadh.

Thuirt ceannardan Chòmhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air £400,000 a shàbhaladh le bhith ag atharrachadh phoileasaidhean siubhail an luchd-obrach aca.

Tha cosgaisean-siubhail mòra aig a' Chomhairle air sgath cho mòr is tha an sgìre.

B'àbhaist dhan luchd-obrach aca an càraichean fhèin a chleachdadh agus airgead fhaighinn air ais a-rèir an astair a shiubhail iad.

Ach an-uiridh thug a' chomhairle 60 carabadan air mhall bhon chompanaidh phrìobhaidich Enterprise.

Leigidh luchd-obrach fios cia mheud uair a thìde a bhios carabad a dhìth orra agus gheibh iad iasad dheth.

Oidhirp mhòr

Aig a' cheart àm, tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil iad air oidhirp mhòr a dhèanamh gus teicneòlas ùr a chleachdadh , leithid co-labhairtean bhidio, gus lùghdachadh a thoirt na bh' aig luchd-obrach ri siubhail anns a' chiad dol a-mach.

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil na h-atharrachaidhean seo air lughdachadh a thoirt anns an astar a shiubhail luchd-obrach de chòrr is 800,000 mìle, agus gun do lùghdaich seo a' bhuaidh a th' aca air an àrainneachd.

Tha iad an dòchas gun leig na sabhalaidhean seo leotha a bhith a' seachnadh ghearraidhean ann an seirbheisean no cosnaidhean san àm ri teachd.