Ferries
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Leasanan ri ionnsachadh" do ChalMac

30 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun obraich Cal Mac agus Còmhdail na h-Alba còmhla airson ionnsachadh bho na duilgheadasan a th'air a bhith ann fhad 's a tha bàtaichean-aiseig a' dol gu doc a h-uile geamhradh.

Tha seo a tighinn às deidh do Chomhairle nan Eilean Siar dragh thogail mu cho-dhùnaidhean Cal Mac a thaobh far a bheil iad a gluasad bhàtaichean san lìonra fhad's a tha feadhainn eile gan càradh.

Dh'iarr a Chomhairle gun tèid barrachd feairt a ghabhail do bheachdan mhuinntir nan Eilean. Tha Ruairidh Rothach ag aithris.