Cothrom eile 'son Spòrs Gàidhlig

Sneachda-bhòrdadh Image copyright Thinkstock

Thuirt Bòrd na Gàidhlig is Comann na Gàidhlig gu bheil iad misneachail gun soirbhich le Spòrs Gàidhlig san àm ri teachd, às dèidh mar a chaidh taic-airgid a bharrachd aontachadh dhan phròiseict.

Dh'aidich CnaG ge-tà, gur e "dùbhlan" a bhios ann airgead gu leòr a thoirt a-steach 'son a' phròiseict a chumail a' dol sa ùine fhada.

Bha làn-dùil gun rachadh Spòrs Gàidhlig, pròiseict a chaidh a stèidheachadh ann an 2017 gus seirbheisean spòrs agus cur-seachadan do chloinn tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann, à bith.

Maoineachadh

Bha iad air a ràdh nach robh gu leòr de sgoiltean is daoine a' cleachdadh nan seirbheisean airson a' phròiseict a chumail a' dol.

Tha Bòrd na Gàidhlig a-nise air taic-airgid £45,000 a thoirt seachad.

Dh'innis CnaG gun cum seo a' phròiseict a' dol fad 18 mìosan eile.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Dàibhidh Boag aig Bòrd na Gàidhlig.

'S e an targaid a th' ann do Spòrs Gàidhlig £120,000 a thoirt a-steach iad fhèin san ùine sin airson sealltainn gu bheil a' phròiseict seasmhach.

"Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn taic-airgid airson greis. 'S e a' cheist a bh' ann dè cho seasmhach 's a bhiodh am pròiseact le airgead bho thùsan eile," thuirt Stiùiriche Leasaichaidh Chànain Bhòrd na Gàidhlig, Dàibhidh Boag.

"Tha airgead Bhòrd na Gàidhlig ann ach feumaidh airgead tighinn bho thùsan eile. Tha sinn air a bhith a' cumail chòmhraidhean agus tha sinn riaraichte gu leòr gu bheil plana ionmhais ann a tha a' ciallachadh gum bi a' phròiseict seasmhach.

Dìon

"Tha e deatamach gum bi seirbheis ann a tha a' cumail taic ri sgoilearan a tha a' cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile.

"Tha sinn an dòchas agus tha sinn gu math misneachail gum bi Spòrs Gàidhlig soirbheachail," thuirt e.

Dh'innis CnaG gu bheil an taic-airgid seo a' cur dìon air dà obair aig Spòrs Gàidhlig.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Dòmhnall MacNèill aig Comann na Gàidhlig.

Thuirt iad gu bheil iad air an dòigh gu bheil a' phròiseict gus leantainn, is gu bheil iad cho cinnteach 's a bha iad a-riamh gu bheil luach mòr san obair.

Thuirt CnaG cuideachd gu bheil iad air tòrr taic fhaighinn air na meadhanan sòisealta bho nochd draghan mu Spòrs Gàidhlig, is gu bheil dòchas an sin fhèin gu bheil daoine ann a tha 'son na seirbheisean a chleachdadh.

"Na dhòigh fhèin 's e taic-airgid èiginneach a tha seo oir cha tàinig iarrtas airson na seirbheis aig an ìre 's a bha dùil againn sa chiad dol a-mach," thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill.

"Tha mise an ìre mhath misneachail leis an t-suidheachadh mar a tha e an-dràsta gun tèid againn air an t-seirbheis a reic is a thaisbeanadh dha sgoiltean, pàrantan is dhan òigridh fhèin, is gum faigh sinn an t-seòrsa obrach a tha a dhìth oirnn san 18 mìosan a tha romhainn.

Ceist

Dh'aidich e ge-tà, gur e dùbhlan nach beag a bhios ann £120,000 a thoirt a-steach thairis air an àm sin.

"Aig deireadh an là, tha ceist ionmhais gu bhith ann fhathast.

"Mura tig obair reic gu leòr thugainn, cha bhi e comasach do ChnaG seo a chumail a' dol às aonais aonta ionmhais ùir air choireigin.

"Aig an ìre seo tha misneachd againn gun fhiach feuchainn air. 'S e dùbhlan a bhios ann dha-rìribh", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile