Na deichean mìltean bhradan an Leòdhas air bàsachadh
- Air fhoillseachadh

Bhàsaich na deichean mhìltean de bhradain aig tuathanas èisg ann sna h-Eileanan an Iar.
Tha seo a' toirt buaidh air dà làraich ann an Leòdhas air an ruith le Mowi, a bha roimhe aithnichte mar Marine Harvest.
Chan eil e soilleir fhathast dè dha-rìribh an àireamh a chaidh a chall.
Tha obair a' dol air adhart an-dràsta ann an Loch Èireasort 'son an t-iasg marbh a thoirt air falbh.
A rèir na companaidh bha an t-uisge far a bheil na làraichean, Cladach a Tuath agus Cladach an Earra-Thuath, nas blàithe nan àbhaist thar an t-Samhraidh, agus dh'adhbhraich sin trioblaidean le giallan an èisg, a' ciallachadh gun robh iad nas buailtiche fulang le mialan mara.
Cuidhteas
Dh'innis a' chompanaidh Nirribheach an t-seachdain a chaidh gun robh 3% den iasg air bàsachadh.
Thar na trì mìosan mu dheireadh 's e 80% den iasg aig na làraichean seo a tha air maireachdainn beò. Mar as trice bhiodh iad a' sùileachadh 90%.
Thèid am bradan marbh a thoirt gu Tìr-Mòr na h-Alba far am faighear cuidhteas iad.
Ann an oidhirp dèiligeadh ris an dragh mu bhuaidh mhialan mara air stocan èisg fiadhaich dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba gun deadh figearan mu mhialan mara agus na tha de dh'iasg a tha a' bàsachadh rin linn fhoillseachadh bho 2020.
Tha cùid de chompanaidhean, leithid Mowi, a' dèanamh sin gu saor-thoileach mar tha.