Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh

Cuiridh Jeremy Corbyn iomart-taghaidh nan Làbarach air bhonn an-diugh le gealltanas gun toir e an aghaidh air a' bheag-chuid a tha air chùlaibh siostam coirbte. Bidh e ag amas thuirt e air feadhainn a tha a' seachnadh chìsean, droch uachdarain, droch cheannardan-companaidh agus feadhainn a tha a' mìlleadh na h-àrainneachd. Canaidh Boris Johnson na iomairt dha na Tòraidhean gur e Mhgr Corbyn as coireach ris an dàil ann am Brexit, a bha gu bhith ann an-diugh.

Bercow

'S e seo an là mu dheireadh aig Labhraiche Thaigh nan Cumantan John Bercow anns an dreuchd an dèidh deich bhliadhna anns a' chathair. Thèid Labhraiche ùr a thaghadh na àite Diluain. Tha Mhgr Bercow ainmeil airson a dhòighean annasach fhèin is gu h-àraid mar a bhios e ag èigheachd "order" rud a rinn e tha e coltach fàisg air 14,000 turas.

CS Wind

Dh'iarr an t-aonadh UNITE air Riaghaltas na h-Alba cobhair a dhèanadh air factaraidh mhuilnean-gaoithe ann an Ceann Loch Chille Chiarain far a bheil corr is 70 den luchd-obrach a' chall an cosnadh. Tha an còmpanaidh CS Wind, dhan buin an làrach, ag ràdh nach eil òrdain gu leòr aca agus iad a' cur coire cuideachd air gearradh anns an taic do phròiseactan cumhachd-ath-nuadhachail.

Bradain

Tha a' chompanaidh àrach-bhradan Mowi, Marine Harvest mar a bha orra den bheachd gur e aimsir bhlàth an t-Samhraidh as coireach gu h-ìre mhòir ri bàs nam mìltean mòra den iasg aca aig dà thuthanas air Loch Èireasort ann an Leòdhas. Tha e coltach gu bheil mialan-mara nas buailtiche droch bhuaidh a thoirt air an iasg an dèidh aimsir bhlàth. Tha luchd-obrach a' togail an èisg mhairbh às an uisge an-dràsta agus thèid na tha beò gu giollachd air an Tìr-Mòr.