Dreuchdan gan call aig CS Wind ann an Cinn Tìre

Tuath-ghaoithe Image copyright DAVIDDIXON-GEOGRAPH
Image caption Thogadh na tùraichean airson tuathan-ghaoithe an dà chuid air tìr agus aig muir aig an làraich.

Tha a' chompanaidh CS Wind a tha a' togail thuathan-ghaoithe ann an sgìre Chinn Tìre air innse gun caill 73 neach an cuid obraichean.

Tha an àireamh sin co-ionnan ri trì chairteal de luchd-obrach na factaraidh ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Chuir a' chompanaidh a' choire airson a' cho-dhùnaidh air gainnead òrdughan.

Tha an t-aonadh UNITE air a ràdh gur e buille mhòr eile a tha seo, an dà chuid don choimhearsnachd ionadail ach cuideachd do roinn a' chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba.

Thuirt oifigear sgìreil an aonaidh, Teàrlach Dòmhnallach, gum feumadh Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns a' chùis cho luatha 's a ghabhas.

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Pòl Wheelhouse, gun robh Riaghaltas na h-Alba deònach na b' urrainn dhaibh a dhèanamh gus a' chompanaidh a chuideachadh ann an oidhirp obair a thàladh chun na làraich anns an àm ri teachd.

"Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gus cuideachadh le oidhirpean leasachadh a thoirt air bun-structar na làraich," thuirt e.

Ghabh a' chompanaidh CS Wind, a tha stèidhichte ann an Coirea a Deas, smachd air an fhactaraidh anns a' Ghiblean 2016.

Còmhla ris a' chompanaidh Dhanmhairgich Ørsted, chosg iad còrr is £27m air an fhactaraidh.

Dh'fhosgail an fhactaraidh ann an 2002 agus 's i an aon tè anns an Rìoghachd Aonaichte far an togar tùraichean airson tuathan-ghaoithe an dà chuid air tìr agus aig muir.