"Ghèill sinn" - Kettlewell

Stiùbhart Kettlewell Image copyright SNS
Image caption Cha robh Stiùbhart Kettlewell air a dhòigh le mar a chluich Ross County oidhche Chiadain.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Stiùbhart Kettlewell, gun robh mar a chaill an sgioba 4-0 ri Rangers na bhriseadh-dùil mòr dha.

Bha sgioba Steafan Gerrard cus ro mhath dha na Staggies ann an Inbhir Pheofharain oidhche Chiadain.

Chaidh iad air thoiseach le tadhal bho Alfredo Morelos às dèidh 20 mionaid.

Chuir Ryan Jack, sàr chluicheadair a' gheama, dà thadhal an uairsin bho oir a' bhocsa is Rangers air thoiseach 3-0 aig leathach-ùine.

Thàinig an ceathramh tadhal bho Mhorelos le 20 mionaid air fhàgail.

Moladh

Rinn Gerrard moladh sònraichte air Jack às dèidh làimhe is e ag ràdh gun do chluich e mar "fìor cheannard".

Às deidh dhan sgioba aigesan ceithir tadhail a chall, goirid às dèidh dhaibh sia a leigeil a-steach an aghaidh Celtic, cha robh Stiùbhart Kettlewell idir cho toilichte.

"S e an trioblaid a th' againn an-dràsta, an aghaidh Celtic is Rangers gun teagamh, nuair a tha sinn a' dol air deireadh is cùisean a' dol nar n-aghaidh, tha sinn a' gèilleadh.

"Feumaidh mi fhìn is Steafan Fearghasdan dèiligeadh ri sin, is feumaidh sinn a chur ceart.

"Dh'fhaodadh Rangers a bhith air barrachd na ceithir tadhail a chur. Bha iad math dha-rìribh," thuirt e.