Fear-coiseachd air a sgèith dhan ospadal

Heileacoptair Image copyright MCA

Thugadh fireannach a chaidh a ghoirteachadh is e a' coiseachd sa Mhonadh Ruadh dhan ospadal le heileacoptair.

Fhuair sgioba-teasairginn Bhràigh Mhàrr lorg air an duine, 57, oidhche Chiadain.

Chaidh a thoirt le heileacoptair gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann mu dheidhinn aig an ìre seo.

Bha Maoir-Chladaich Inbhir Nis cuideachd an sàs san iomairt.