Keith Schellenberg air bàsachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Torcuil Crichton a' bruidhinn air Keith Schellenberg.

Bhàsaich Keith Schellenberg, fear a bha fad bhliadhnaichean na uachdaran ann an Eilean Eige.

Bha e 90.

Riochdaich Mgr Schellenberg Breatainn dà thuras aig Geamaichean Oilimpigeach a' Gheamhraidh na òige.

Cheannaich e Eige ann an 1975 is planaichean mòra aige.

B' e uachdaran gu math connspaideach a bh' ann ge-tà, is chaidh an càirdeas aige le muinntir an eilein bhuaithe gu tur thairis air na bliadhnaichean.

Air a' cheann thall, reic e Eilean Eige ann an 1995.

Coimhearsnachd

Dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh Eige a cheannach le muinntir an àite.

Bha an iomairt aca freumhaichte san t-strì a bh' aca le uachdarain mar Keith Schellenberg.

Thuirt Urras Dualchais Eilean Eige gun robh an t-eilean air fulang gu mòr bhon t-siostam uachdarain a bh' ann, le dìth chothroman cosnaidh is droch thaigheadas ann, am measg eile.

Thuirt iad gur e smachd a ghabhail air an eilean an aon dòigh air dèiligeadh ris an troimhe-chèile is mì-chinnt a bha air a bhith aca.

Tha Eige fhathast ann an làmhan nan daoine is sluagh an eilein air fàs tro na bliadhnaichean.

Bhàsaich Keith Schellenberg na dhachaigh ann an Richmond.