Bratach ga sireadh airson an Eilein Sgitheanaich

An Eilean Sgitheanach Image copyright Getty Images
Image caption Thèidh bratach a thaghadh airson an Eilein Sgitheanaich.

Tha co-fharpais ga cumail gus bratach a dhealbhadh airson an Eilein Sgitheanaich.

Tha grunn eileanan agus sgìrean ann an Alba air brataichean a dealbhadh dhaibh fhèin thar nam bliadhnaichean.

'S e Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a tha a' ruith na co-fharpais, còmhla ri comhairlichean an eilein agus ris a' buidhinn turasachd SkyeConnect.

Thèid a' bhratach ùr a chlàradh le Cùirt a' Mhorair Lìomhainn, an t-ughdarras airson bhrataichean ann an Alba.

Dùinidh a' cho-fharpais, a tha fosgailte dhan a h-uile duine, air an 1 den Dùbhlachd 2019.

Bhot phoblach

Às dèidh sin thèid bratach a thaghadh ann am bhòt phoblaich a thèid a chur air dòigh leis a' phàipear-naidheachd air an làraich-lìn aca.

"Bha eileanan eile ga dhèanamh, agus smaoinich sinn carson nach eil an t-Eilean Sgitheanach," thuirt Cè MacCoinnich bhon phàipear.

"'S e rud sìmplidh a tha a dhìth oirnn, gun suaicheantas is gun litrichean, dìreach a dhà no trì dathan, agus samhlaidhean den eilean agus an cultur againn."

Thèid a' bhratach ùr fhoillseachadh anns a' Mhàirt 2020 agus thèid a chleachdadh gu saor on uair sin.

Tha fios a bharrachd ri fhaighinn mun cho-fharpais air làraich-lìn a' Phàipeir Bhig.