Ath-sgrùdadh air cladhan is gearradh an fheòir

Comhairle na Gàidhealtachd

Nì Comhairle na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh air an dòigh anns am bi iad a' gearradh an fheòir agus a' cumail chladhan agus raointean poblach sgiobalta.

Tha mòran air a bhith a' gearan mun staid anns a bheil cladhan gu h-àraid, agus tha cuid de choimhearsnachdan a' dol cho fada ri companaidhean prìobhaideach fhastadh airson sealltainn ris na cladhan aca.

"Tha mi toilichte gu bheil sinn gu bhith a' dèanamh sgrùdaidh mu dheidhinn a h-uile càil air feadh na Gàidhealtachd - na cladhan, agus an t-seirbheis mar a th' againn an-dràsta," thuirt an Comh. Raymond Bremner.

"Tha fhios againn nach eil a h-uile duine anns a' choimhearsnachd gu math toilichte leis an t-seirbheis a th' aig a' Chomhairle an-dràsta, agus tha sinn gu bhith a' dèanamh beagan obrach a thaobh sin.

Ceist

"Mar a tha fhios aig a h-uile duine tha mi a' smaoineachadh an-dràsta, chan eil na buill air a' Chomhairle uabhasach toilichte gum bi sinn fhathast ag obair leis an stuth ceimigeach glyphosate.

"Chan eil e math dhan choimhearsnachd, chan eil e math dhuinne airson a bhith ag obair leis an stuth siud.

"Tha sinn a' lorg chothroman eile airson a bhith a' dèanamh na h-obrach gun ghlyphosate.

"Agus an uair sin, tha dòchas agam gum bi sinn a' cur sùil air na cladhan.

"Tha na cladhan cho cudromach dhan choimhearsnachd againn, agus chan eil iad a' coimhead math an-dràsta," thuirt e.