Bàt-aiseig ùr do dh'Arcaibh

Stròmnis Image copyright Colin Smith/Geograph

Tòisichidh bàt-aiseig ùr air an t-slighe eadar Gill's Bay ann an Gallaibh agus St Margaret's Hope ann an Arcaibh Dihaoine.

Tha rùm gu leòr air bòrd an MV Alfred airson 430 luchd-siubhail, agus airson 98 càraichean.

Tha a' chompanaidh leis a bheil i, Pentland Ferries, ag ràdh gu bheil an dòigh san deach a dealbh a' fàgail gun tèid aice air a dhol airson sia làithean air an aon chonnadh a chleachdadh bàtaichean-aiseig nas sine de a meud ann an aon là.