Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh

Chuir Sràid Dhowning dìon air aonta Bhrexit na Rìoghachd Aonaichte leis n Aonadh Eòrpach, an dèidh càineadh bhon Cheann-Suidhe Trump. Thuirt Dòmhnall Trump nach urrainn dha na Stàitean Aonaichte malairt a dhèanamh le Breatainn fo aonta Bhoris Johnson. Thuirt Sràid Dhowning gu bheil iad a' dèanamh adhartais anns na còmhraidhean malairt. Tha na Làbaraich cuideachd a' fàgail air Mgr Trump gu bheil e a' feuchainn ri gnothach a ghabhail ris an taghadh choitcheann le a bheachdan air an NHS. Thuirt ceannard Phàrtaidh Bhrexit, Nigel Farage, gum faodadh esan co-bhanntachd a dhèanamh leis na Tòraidhean anns an Taghadh Choitcheann. Tha esan a' cur iomairt a' phàrtaidh air bhonn an-diugh.

ASDA

Tha mòran de luchd-obrach ASDA an cunnart an cosnadh a chall air an deireadh-sheachdain mura cuir iad an ainm ri cùmhnantan ùra anns a bheil, am measg rudan eile, tuigse nach fhaigh iad am pàigheadh nuair a tha iad air falbh bhon obair aig leithid àm bìdhe is amannan eile san là obrach. Tha an t-aonadh GMB ag ràdh gur e cùmhnantan fìor mhì-reusanta a tha sin.

Whirlpool

Tha Comataidh a' Ghnothachais ann an Taigh nan Cumantan a' fàgail air a' bhuidhinn Whirlpool nach eil iad a' dèanamh gu leòr mun chunnart gu bheil feadhainn de na h-innealan tiormachaidh aca buailteach a dhol nan teine. Thuirt buill na comataidh gur e cùis nàire a th' ann gun tàinig air luchd-cleachdaidh gealltainn ann an sgrìobhadh nach innseadh iad dad mu na thachair dhaibhsan. Tha Whirlpool an dèidh mòran de na h-innealan a ghairm air ais le cunnart teine nuair a tha mot aodaich a' suathadh anns an eileamaid teasachaidh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Bidh ath-sgrùdadh ann air an dòigh anns a bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' gearradh an fheòir agus a' cumail chladhan agus raointean poblach sgiobalta. Tha mòran air a bhith a' gearan mun staid sa bheil cladhan gu h-àraid, agus tha feadhainn de choimhearsnachdan air a dhol cho fada ri companaidhean prìobhaideach fhastadh airson sealltainn ris na cladhan aca.