Fireannach fo 25 casaid, èigneachadh nam measg

Tha dùil gun nochd fireannach sa chùirt an ath-bhliadhna fo chasaid gun do dh'èignich e triùir bhoireannach, agus gun tug e ionnsaigh fheiseil air nighean, 11.

Chaidh 25 casaidean a chur às leth Kim Avis, a tha 55, ann an èisteachd ghoirid aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

Tha na casaidean a' còmhdachadh ùine eadar am Faoilleach 1997 agus am Màrt 2019, leis a' mhòr-chuid aca a' tachairt ann an Inbhir Nis.

Am measg nan casaidean, tha gun do dh'fheuch e ri tè de na boireannaich èigneachadh nuair a bha i 12. Tha Mgr Avis a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha briseadh na sìthe, agus dol-a-mach bagarrach is droch-dhìolach cuideachd am measg nan casaidean.

Rinn fear-lagha Mhgr Avis, Lorenzo Alonzi, tagradh de neo-chiontach às a leth.

Thig a' chùis gu cùirt sa Mhàrt an ath-bhliadhna ann an Dùn Èideann.