Keith Schellenberg
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Keith Schellenberg air bàsachadh

1 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhàsaich Keith Schellenberg, fear a bha fad bhliadhnaichean na uachdaran connspaideach ann an Eilean Eige.

Bha e 90.

Bha Eige leis eadar 1975 is 1995, ach chaidh an càirdeas bh' aige le muinntir an eilein bhuaithe gu tur thairis air na bliadhnaichean.

Chaidh Eige a cheannach le muinntir an àite ann an 1997.

Bha am fear-naidheachd Torcuil Crichton ag obair aig a' Phàipear Bheag nuair a bha Keith Schellenberg aig àirde.