Coinneamhan sàbhailteachd do dh'iasgairean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamhan sàbhailteachd do dh'iasgairean

1 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thairis air na deich bliadhna mu dheireadh, chaill 46 duine am beatha ag obair air bàtaichean iasgaich bheaga ann am Breatainn, a rèir Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB).

Tha iad a-nis air molaidhean fhoillseachadh airson cùisean a dhèanamh nas sàbhailte do dhaoine air bàtaichean nas lugha na 15 meataran de dh'fhaid.

Tha coinneamhan gan cumail mu na molaidhean air a' mhìos seo, is iasgairean gam brosnachadh pàirt a ghabhail anns a' cho-chomhairle.