Taigh-giollachd bainne gus dùnadh

Crodh

Tha oidhirp air taigh-giollachd bainne ann an Ceann Loch Chille Chiarain a shàbhaladh air tuiteam às a chèile.

Tha dùil gun tèid 14 cosnaidhean a chall.

Bha First Milk, leis a bheil an taigh-bainne, air a chur air a' mhargaidh ann an 2018.

Thàinig buidheann de 29 thuathanaich ann an Cinn Tìre air adhart is iad am beachd an taigh-bainne a cheannach is a ruith iad fhèin.

Chuir na tuathanaich romhpa fhèin £50,000 a chruinneachadh, ach thuige seo tha iad air cha mhòr a dhà uimhir sin a thogail.

Cnap-starra

Bha am plana gnothachais aca a' crochadh ge-tà, air gealltanas bho chompanaidh mhòr-bhùithtean càise a cheannach bhuapa.

Chaidh an gealltanas sin a tharraing.

Thuirt na tuathanaich gur e briseadh-dùil mòr a tha seo dhaibh, is thug iad taing dhan a h-uile duine a bha air taic a chur riutha.

Thuirt First Milk gun lean iad orra le bainne nan tuathanach a cheannach is gum pàigh iad na cosgaisean siubhail a bhios an cois a ghluasad a dh'àiteachan eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo