Sgìre Ghlèidhte mu na h-Eileanan Mòra gus atharrachadh

Bàta-iasgaich
Image caption Chaidh crìochan na sgìre glèidhte a chàineadh le iasgairean.

Atharraichidh Riaghaltas na h-Alba meud chrìochan Sgìre Ghlèidhte aig Muir às dèidh dhaibh coinneachadh ri iasgairean.

Bha buill de Chomunn Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gun deach na crìochan a tharraing anns an àite cheàrr anns an sgìre a tha gu ear air na h-Eileanan Mòra, anns a' Chuan Sgìth.

Cuideachd, thuirt iad nach deach luach gu leòr a chur air na chailleadh iadsan nam biodh iad air an cumail a-mach às an sgìre, leis na crìochan a th' aige an-dràsta.

Tha an t-atharrachadh seo air cur ris an dòchas a th' aig na h-iasgairean gun tèid crìochan sgìrean glèidhte eile aig muir atharrachadh cuideachd.

Thuirt Donnchadh MacAonghais, Runaire Chomunn Iasgairean nan Eilean Siar, gun robh e toilichte leis na crìochan ùra.

"Tha iad air faicinn nach b' e dòigh chothromach no ceart a bha iad ga dhèanamh agus tha iad ag iarraidh barrach fiosrachaidh fhaighinn bhon ghnìomhachas nach robh iad ag iarraidh ron a seo.

"Nam biodh seo air tachart nuair a thàinig na ciad sgìrean glèidhteachais a-mach cha bhiodh ceudan de mhìltean air an dùnadh dhan ghnìomhachas a tha dùinte fhathast."

Image copyright JacVolbedaGeograph
Image caption 'S ann dhan ear air na h-Eileanan Mòra anns a' Chuan Sgìth a tha an sgìre ghlèidhte seo.

'S e raointean sònraichte glèidhteachais a tha gan comharrachadh fo òrdugh àrainneachd an Aonaidh Eòrpaich a th' ann an Sgìrean Glèidhte Mara.

Tha iad aithnichte mar àiteachan a tha gu sònraichte cudromach dhan àrainneachd agus dha na creutairean a tha a' tighinn beò ann agus na lusan a tha a' fàs ann.

Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gun cuir na sgìrean glèidhte dìon air àrainneachd phrìseal uisgeachan na h-Alba agus aig a' cheann thall gum bi iad nam buannachd do ghnìomhachas an iasgaich.

Ach tha na sgìrean, agus na bacaidhean a chuireas iad air iasgairean, air tòrr connspaid adhbhrachadh thar nam bliadhnaichean.