Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

Thuirt an Ceann-suidhe Trump, a th' ann am Breatann airson co-labhairt Nato gun coinnich e ri Boris Johnson fhad 's a tha e anns an dùthaich, ach nach eil beachd sam bith aige air an Taghadh Choitcheann. Dhaighnich Mgr Trump a chùl-taic airson Brexit is e ag ainmeachadh Mgr Johnson mar fhear air leth comasach. Nuair a chaidh fhaighneachd dha dè a dhèanadh e nam buannaicheadh Jeremy Corbyn agus am Partaidh Làbarach an taghadh thuirt an Ceann-suidhe gum b' urrainn dha obrachadh le neach sam bith. Chaidh e às àicheadh cuideachd gu robh dad a dh'ùidh aig na Stàitean Aonaichte ann a bhith a' tagradh airson cùmhnant NHS mar phàirt de dh'aonta-malairt leis an Rìoghachd Aonaichte.

PISA

A-rèir aithisg eadar-nàiseanta air foghlam air feadh na cruinne, thàinig piseach air ìrean leughaidh am measg Albannach òga thairis air na trì bliadhnaichean a dh'fhalbh. Tha an sgrùdadh PISA cuideachd ag ràdh ge-tà gu bheil iad air a dhol air ais beagan ann am matamataigs agus saidheans. Tha siostam PISA ga chleachdadh mar shlat-tomhais agus a' sgrùdadh nam mìltean chloinne aois 15 bliadhna ann an 79 dùthchannan.

Fear an grèim

Chaidh fireannach a chur an grèim le poileas ann an Essex agus iad a' rannsachadh mar a chaidh balach, aois 12 bliadhna, a mharbhadh le càr a chaidh a-steach do bhuidheann òigridh taobh a-muigh sgoile ann an Loughton. Tha an duine, a tha 51, an grèim fo amharas muirt agus cuideachd gun do dh'fheuch e ri còignear eile a chaidh an goirteachadh anns an tachartas a mharbhadh.

Deichead as blaithe

Thuirt luchd-saidheans gu bheil iad an ìre mhath cinnteach às gur e an deich bliadhna a dh'fhalbh an deichead as blàithe a chaidh a chlàradh riamh. Tha na fiogairean a' nochdadh ann an aithisg o buidheann-eòlais sìde na cruinne a chaidh a chur mu choinneamh chòmhraidhean an UN air atharrachadh na gnàth-shìde a tha gan cumail ann am Madrid.

Tubaist Alanais

Chaidh fear a chaochail ann an tubaist rathaid air an A9 faisg air Alanais ainmeachadh le na poilis mar Ryan Mac a' Ghobhainn, aois 25 bliadhna. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a bhuineadh do dh'Alanais a mharbhadh Dihaoine sa chaidh nuair a thàinig an carabad Peugeot aige agus carabad Ford Edge an comhair a chèile.

Seann bhoma

Tha eòlaichean bhomaichean bhon Chabhlach Rìoghail a' dèanamh air Arcaibh airson deiligeadh ri seann thorpedo a chaidh a lorg ann an Scapa Flow faisg air far an deach an Royal Oak fodha. Chaidh fios a leigeil chun nam Maor-Cladaich an-dè agus tha iad air stad a bhith a chur air daoine tighinn nas fhaisge na 500m air far a bheil an soitheach na laighe. Chaill 835 duine am beatha nuair a chaidh an Royal Oak a chur fodha le bàta-aigeinn Gearmailteach aig tòiseach an Dàrna Cogaidh.

Bodach crosta

Agus thuirt poilis ann an Iapan gu bheil iad air bodach crosta gearaineach a chur an grèim às dèidh dha fònadh gu companaidh conaltraidh 24,000 turas agus e mì-thoilichte leis a' chùmhnant aige. Dh'innis Akitoshi Okamoto, a tha 71, do dh'oifigearan gun robh a' chompanaidh air an cùmhnant fon aige a bhriseadh agus gun robh e airson is gun cuireadh iad riochdaire a-mach thuige a bheireadh leisgeul dha gu pearsanta.