Cunnart gum falbh an sneachd bhon Mhonadh Ruadh

Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh
Image caption Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh

Tha eòlaichean a' toirt rabhadh gur dòcha nach bi sneachd idir sa Mhonadh Ruadh mura tèid dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde.

Tha rannsaichean aig Inistitiud Sheumais Hutton air a bhith a' sgrùdadh chlàran a chaidh a chumail mu chur an t-sneachda san Mhonadh Ruadh a' dol air ais na deicheamh bhliadhnaichean.

Tha iad a' cleachdadh an fhiosrachaidh airson agus gum faod tuairmse a bhith aca air mar a bhios an t-sìde san àm ri teachd.

Ach tha e coltach gu bheil tòrr mhì-chinnt ann.

Buaidh air fiadh-bheatha

Tha aithisg a rinneadh do dh'Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a' cumail a-mach gu bheil e follaiseach gu bheil nas lugha de shneachd air a bhith ann.

Tha na h-eòlaichean a' tomhas gun lean ìre an t-sneachda a' sìor lùghdachadh agus gum faodadh gum bi bliadhnaichean ann far nach tig sneachd idir neo gum bi glè bheag dheth ann ron bhliadhna 2080.

Dh'fhaodadh seo buaidh a thoirt air an àrainneachd agus air na tha de bheathaichean a tha a' tighinn beò ann agus na lusan a tha a' fàs ann.

Bhiodh tuiltean nas coltaiche cuideachd, tha iad ag ràdh, leis gum bi an sneachd a' leaghadh nas luaithe.