Rabhadh mu chìs turasachd

Nochd rabhadh gum faodadh cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd buaidh a thoirt air na tha de shoitheachan mòra luchd-turais a tha a' tadhal air an sgìre.
Tha buidhnean a tha a' riochdachadh ghnothachasan sa cheann a tuath ag ràdh gu bheil cunnartan an cois nam molaidhean.
A rèir Comhairle na Gàidhealtachd, dh'fhaodadh leithid de chìs suas ri £10m a thogail gach bliadhna airson rathaidean is bun-structar eile a leasachadh.
Ach tha ceistean air Seòmraichean Malairt Inbhir Nis, Ghallaibh, Loch Abair, agus Com-Pàirteachas Gnothachais Sgìre a' Mhonaidh Ruaidh.
Thuirt iadsan gur dòcha gum fàgadh cìs turasachd gum biodh cuid de shoitheachan mòra luchd-turais airson a' Ghàidhealtachd a sheachnadh.
Dragh
Thuirt iad cuideachd gur e teachdaireachd truagh a bhiodh ann do dhaoine a tha 'son tadhal air an sgìre.
A bharrachd air sin, thog na buidhnean dragh gun cruthaicheadh cìs ìre eile de bhiurocrasaidh do chompanaidhean air a' Ghàidhealtachd.
Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun do chuir faisg air 6,000 duine am beachd air adhart ann an co-chomhairle aig Comhairle na Gàidhealtachd mu chìs turasachd.
Thuirt a' Chomhairle gun d' fhuair iad na bha sin de bheachdan is gun toir e ùine dearbhadh an robh a' mhòr-chuid a' cur taic ri cìs.
Tha co-comhairle aig Riaghaltas na h-Alba mun dearbh chuspair dìreach air dùnadh.