Oidhche mhòr am Brùra
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhche mhòr am Brùra

3 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

B' àbhaist gum biodh na meadhanan spòrs a-mach air galar rudeigin àraid a bhiodh a' bualadh air bailtean far an robh an sgioba ball-coise ionadail a' dèanamh adhartais ris nach robh dùil sa chupa.

Uill, dh'fhaodadh gu bheil 'Fiabhras a' Chupa' ma sgaoil ann an Cataibh an-dràsta is geama mòr ann an Cupa na h-Alba ann am Brùra oidhche Mhàirt.

Cuiridh Brora Rangers fàilte air Morton às dèidh dha na sgiobaidhean crìochnachadh 1-1 ann an Grianaig an t-seachdain seo chaidh.

Tha Brora Rangers fhèin ag ràdh gur e seo fear de na geamaichean as motha a bh' aca a-riamh.

Ged a tha Brùra air adhartas mòr a dhèanamh mar chluba anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, chan eil teagamh nach e rud air leth a bhiodh ann nam b'urrainn dhaibh an gnothach a dhèanamh air sgioba bhon Championship.

Tha am fear-naidheachd, Pàdraig MacAmhlaidh, eòlach gu leòr air Brùra is tha esan den bheachd gum bu chòir dhaibh a bhith misneachail.