Deacon Cops
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Airgead a dhìth 'son nam Poileas

3 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh Ùghdarras Poileas Alba a dhà uimhir de dh'airgead chalpa sa bhliadhna 'son 's gun tèid aca air seirbhis a thabhainn a fhreagras air iarrtasan an latha an-diugh.

Sin a rèir cathraiche na buidhne, Susan Deacon, agus i a' bruidhinn aig coinneimh de Chomataidh Coimhearnsachd is Taigheadais Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt i cuideachd nach bu chòir ministearan an riaghaltais cus gnothaich a ghabhail ri gnothaichean an ùghdarrais mar a tha Aonghas Dòmhnallach a-nise ag aithris.