Brùra a-mach

Luchd-taic Bhrùra Image copyright SNS

Thàinig iomairt Brora Rangers ann an Cupa na h-Alba gu ceann is iad air call 3-1 an aghaidh Morton san treas chuairt oidhche Mhàirt.

'S iad Brùra an sgioba mu dheireadh bho Lìog na Gàidhealtachd a bha air fhàgail sa chupa.

Bha iad misneachail a' dol a-steach dhan gheama is iad air Morton a chumail aig 1-1 ann an Grianaig an t-seachdain seo chaidh.

Bha a' chiad leth an ìre mhath teann oidhche Mhàirt is tadhal bho Reece Lyon a' fàgail Morton 1-0 air thoiseach aig leathach slighe.

Bùrach

Thàinig an tadhal sin às dèidh mearachd ann an loidhne-dìon Bhrùra.

Ghabh Morton greim teann air a' gheama tràth san dàrna leth ge-tà, is dà thadhal luath bho Jim MacAlastair agus Nicky Cadden gan cur ann an suidheachadh gu math làidir.

Fhuair Cailean MacUilleim tadhal air ais do Bhrùra ach chrìochnaich an geama 3-1 do Mhorton.

Cluichidh Morton an aghaidh St Johnstone san ath-chuairt.

Bidh aire Bhrùra a-nise air ais air Lìog na Gàidhealtachd, is iad ag amas air an tiotal a bhuannachadh 'son a' chiad turas bho 2015.

Tuilleadh air an sgeulachd seo