Cathraiche ùr NHS na Gàidhealtachd air ainmeachadh

An t-Ollamh Boyd Robasdan Image copyright NHS Highland
Image caption Tha an t-Ollamh boyd Robasdan air a bhith sa chathair gu h-eadar-amail

Chaidh an t-Ollamh Boyd Robasdan ainmeachadh mar chathraiche ùr air NHS na Gàidhealtachd.

Tha an t-Oll. Robasdan air a bhith na chathraiche eadar-amail air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd on Ghearran am bliadhna bhon leig Dàibhidh Alston dheth a dhreuchd.

Tha e air a bhith a' stiùireadh na buidhne tro àm dhùbhlanach an dèidh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a rinn Iain Sturrock QC air casaidean de bhurraidheachd ann.

Thuirt an t-Oll. Robasdan às leth NHS na Gàidhealtachd aig an àm nach cuireadh iad suas le giùlan mar seo air chor sam bith agus gun dèanadh iad cinnteach gun deadh leasanan ionnsachadh.

B'fheudar dha cuideachd dèiligeadh ri beàrn luach £19.9m ann am buidseat na buidhne airson 2018/19.

Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, an-diugh gur e a bhios as cionn a' bhùird slàinte airson an ath cheithir bliadhna air tuarasdal £31,722 sa bhliadhna.

Tha e air iomadh duais a chosnadh airson na h-obrach a rinn e às leth na Gàidhlig agus ann am foghlam.

Bha e roimhe na phrionnsabal air Sabhal Mòr Ostaig, a' cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach.