Leasachadh Sràid na Glìbe a' faighinn cead

Fhuair planaichean 'son taigh-òsta a thogail air Sràid na Glìbe ann an Inbhir Nis cead a dhol air adhart aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain.
B' àbhaist amar-snàimh a bhith air an làraich ri taobh Abhainn Nis, ach tha i air a bhith bàn fad iomadh bliadhna.
Tha companaidh leasachaidh Duitseach, Vastint Hospitality, a-nise air tighinn air adhart le planaichean 'son taigh-òsta anns am biodh 175 seòmar-leapa.
'S e taigh-òsta le ceithir rionnagan a bhiodh ann, air a ruith leis a' chompanaidh Marriott.
Bhiodh còig ùrlar san togalach.
"Uabhas"
A-rèir oifigich Comhairle na Gàidhealtachd 's e togalach aig àrd ìre a bhitheas ann nach toir droch bhuaidh air coltas na sgìre.
Bha Urras Catharra Inbhir Nis am measg na chuir an aghaidh nam planaichean.
Thuirt iadsan gu bheil cunnart ann gur e "uabhas ailtireach" a bhios anns an togalach, coltach ris an leasachadh a rinneadh air Sràid na Drochaide anns a' bhaile anns na 1960an.