Maoineachadh airson leasachaidhean ann an Èireasgaidh

Am Baile Image copyright GordonHattonGeograph

Gheibh Comann Eachdraidh Èireasgaidh £48,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Cleachdaidh an Comann an t-airgead airson seann sgoil an eilein a leasachadh.

Tha iad airson an togalach a dhèanamh na ionad dualchais agus taigh na sgoile a dhèanamh an-àirde airson a leigeil a-mach air mhàl.

Tha còrr is £250,000 a' dol gu Urras Coimhearsnachd Àrasaig a leigeas leotha fearann a cheannach airson taighean ùra.

'S e Riaghaltas na h-Alba a stèidhich an stòras, a bhios a' cuideachadh bhuidhnean coimhearsnachd gus sealbh fhaighinn air fearann agus toglaichean.

Bheir an stòras seachad tabhartasan de suas ri £1m airson an leithid.